Tuiseal thabhartach

Jump to navigation Jump to search

Tuiseal thabhartach

You do not have permission to edit this page, for the following reason:

The action you have requested is limited to users in the group: Users.


You can view and copy the source of this page.

 

Return to Thread:User talk:Akerbeltz/Tuiseal thabhartach.

A Shionnaich, Ma tha thu 1000% deas ghràmadach, bu chòir dhut "air an duilleig, de dhuilleig" is rudan mar sin a ràdh. Ach tha sin fada fada ro fhoirmeil airson rud mar Wikipedia - chan eil na labhraichean tùsail 'ga chleachdadh ann an cainnt idir an-diugh. Chan eil mi ri ràdh gum bu chòir dhuinn leantainn ri gach rud a chanar san taigh-seinnse ach a thaobh an tuisil thabhartaich, uel, tha e marbh.

Tha thu ceart gu bheil na sreathan beagan tro chéile an-dràsta ach cuiridh mi ceart iad mean air mhean, tha mi dol tron rud air fad!

Akerbeltz21:32, 6 July 2010

Ceart ma-tha, chuir sin dìreach iongnadh orm. Is cinnteach nach bi thu a' cur gach cainnt nan taighean-seinne ri Wikipedia:-). Mìle taing airson d'obair an seo!

Sionnach21:48, 6 July 2010

Chuir mi ceart duilleig > duilleag mu thràth :)

Agus 's e do bheatha! Tha saothraichean mar seo a' còrdadh rium!

Akerbeltz21:56, 6 July 2010