Tuiseal thabhartach

Jump to navigation Jump to search

Tuiseal thabhartach

Hi Akerbeltz,
tha mi dìreach a' sguabadh às na seann teachdaireachdan an t-siostaim a tha ann an Wiki-gd fhèin [1] fhathast agus mhothaich mi gu bheil am facal "duilleag" a' nochdadh mar "duilleag" no "duilleig" anns an tuiseal thabhartach, m.e.: MediaWiki:Nohistory/gd: "aig an duilleig" no MediaWiki:Notextmatches/gd : "tiotal de dhuilleag". An e: "anns an duilleag "no "anns an duilleig"? (->MediaWiki:Noarticletext/gd) am facal ceart a th' ann? An-dràsta tha iad gu tùr troimhe chèile.

Sionnach21:27, 6 July 2010

A Shionnaich, Ma tha thu 1000% deas ghràmadach, bu chòir dhut "air an duilleig, de dhuilleig" is rudan mar sin a ràdh. Ach tha sin fada fada ro fhoirmeil airson rud mar Wikipedia - chan eil na labhraichean tùsail 'ga chleachdadh ann an cainnt idir an-diugh. Chan eil mi ri ràdh gum bu chòir dhuinn leantainn ri gach rud a chanar san taigh-seinnse ach a thaobh an tuisil thabhartaich, uel, tha e marbh.

Tha thu ceart gu bheil na sreathan beagan tro chéile an-dràsta ach cuiridh mi ceart iad mean air mhean, tha mi dol tron rud air fad!

Akerbeltz21:32, 6 July 2010

You do not have permission to edit this page, for the following reason:

The action you have requested is limited to users in the group: Users.


You can view and copy the source of this page.

Return to Thread:User talk:Akerbeltz/Tuiseal thabhartach/reply (2).

Chuir mi ceart duilleig > duilleag mu thràth :)

Agus 's e do bheatha! Tha saothraichean mar seo a' còrdadh rium!

Akerbeltz21:56, 6 July 2010