MediaWiki:Prefswitch-main/gd

From translatewiki.net
Dealbh-sgrìn dhen eadar-aghaidh seòlaidh ùr aig Wikipedia (meudaich)
Dealbh-sgrìn de dh'eadar-aghaidh bhunaiteach airson deasachadh dhuilleagan (meudaich)
Dealbh-sgrìn dhen bhogsa chonaltraidh ùr a chum ceanglaichean a chur a-steach

Dh'obair sgioba leas nan cleachdaichean aig Fonndas Wikimedia còmhla ri saor-thoilich na coimhearsnachd gus rudan a dhèanamh nas fhasa dhut. Tha sinn fìor thoilichte gun urrainn dhuinn grunn leasachaidhean a thoirt dhut a-nis, a' gabhail a-steach coltas ùr air agus feartan deasachaidh nas simplidhe. Chruthaich sinn iad gum bi e nas fhasa do luchd-deasachaidh ùr pàirt a ghabhail ann 's tha iad stèidhichte air an rannsachadh a rinn sinn air so-chleachdadh an-uraidh. Tha e 'na phrìomhachas dhuinne aig Fonndas Wikimedia piseach a thoirt air so-chleachdachd nam pròiseactan againn agus cuiridh sinn leasachaidhean eile ri do làimh san àm ri teachd. Airson barrachd fiosrachaidh, briog air post a' bhloga Wikimedia mun chuspair seo.

Seo na dh'atharraich sinn

  • An seòladh: Tha an seòladh nas fhearr a-nis airson duilleagan a leughadh 's a dheasachadh. Tha na tabaichean aig barr gach duilleige a' cur an cèill nas soilleire a-nis a bheil thu a' coimhead air an duilleag fhèin no duilleag na deasbaireachd 's a bheil thu a' leughadh no a' deasachadh duilleag.
  • Leasachadh air bàr-inneil an deasachaidh: Chuir sinn cruth ùr air bàr-inneil an deasachaidh gus am bi e nas fhasa ri chleachdadh. Tha fòrmatadh nan duilleagan nas simplidhe 's nas ciallaiche a-nis.
  • Draoidh nan ceangal: Gleus a tha furasta ri chleachdadh leis an urrainn dhut ceanglaichean a chur a-steach ri duilleagan wiki eile no ri làraichean air an taobh a-muigh.
  • Leasachadh an luirg: Leasaich sinn na molaidhean luirg gus am faigh thu an duilleag a tha a dhìth ort nas luaithe.
  • Feartan ùra eile: Chuir sinn an sàs draoidh nan clàr cuideachd gus am bi cruthachadh chlàr nas fhasa agus feart airson rud eile a chur an àite dàrna rud gus deasachadh dhuilleagan a dhèanamh nas fhasa.
  • Suaicheantas Wikipedia: Dh'ùraich sinn an suaicheantas againn. Leugh barrachd mu dhèidhinn ann am bloga Wikimedia.