User:Akerbeltz
Jump to navigation
Jump to search
Babel user information | ||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
| ||||||||||||
Users by language |
Dh'imrich mi a-nall (wikipedia:gd:User:Akerbeltz) o uicipeid na Beurla (wikipedia:en:User:Akerbeltz) o chionn goirid 's mi sgìth dhe cuid dhe na daoine ann, gu h-àraidh an fheadhainn le IP a mhilleas duilleagan gun adhbhar.
Ged a tha mi an dùil pàirt a ghabhail ann an sgrìobhadh aistidhean, bidh mi a' toirt prìomhachas do dh'eadar-theangachadh na h-eadar-aghaidh a tha caran air dheireadh. Tha sin a' freagairt rium glè mhath 's mi an sàs iomadh pròiseact ionadaileadh eile, a' gabhail a-steach teicneolas cainnt is cànain leithid:
- Firefox sa Ghàidhlig
- Thunderbird sa Ghàidhlig
- An dearbhair-litreachaidh beag airson Firefox/Thunderbird
- An dearbhair-litreachaidh beag airson OpenOffice
- Opera sa Ghàidhlig
- Am Faclair Beag
- Goireasan Gàidhlig air an lìon
Tha mi a' fuireach ann an Glaschu, baile mòr nan Gàidheal 's na Gàidhlig: